(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Biodiversity Heritage Library | Children's Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Leabhar aithghearr a' cheasnachaidh, a shonruich Ard-Sheanadh Eaglais na h-Alba, gu bhi 'na sheoladh ceasnachaidh, air a tharruing chum Gaelic Albannaich"

Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/leabharaithghear1839west 



2 



LEABHAR AITHGHEARR 

CHEASNACHAIDH 

A SHONRUICH 

ÀRD-SHEANADH EÀGLAIS NA H-ALBÀ^ 
fìU BHI 'NA SHEOLADH CEASNACHAIDH, 

AIR A THARRLINCJ 

CHUM GAELIC ALBANNAICH- 



Air iarrtus na Cuideachd urramaich, a ta chum Ehlas 

Criosduidh a sgaoileadh air jeadb Gutftachd 

agus Eileana na k-Alùa. 



AT THE UNIVERSITY PRESSj 

FOR STIRLING, KENNEY, & CO, 
EDINBURGH. 

MDCCCXXXl^, 



LEABHAR AITHGHEARR 

NAN 

CEIST. 



1 . Ceist. Ciod is crìocìt àraid ddn duine ? 

Freagradh. 'Si is crioch àraid do'n duine, 
Dia a ghlòraehadh, agus a mhealtuinn gu 
siorruidh. 

2. C. Ciod an riaghailt a thug Dia dliuinn g'ar 
seòladh cionnus a dhfheudassinn a ghlòrachadh agus 
a mhealtuinn ? 

F. 'Se focal Dè, a ta air a chur sios ann 
an scriobtuiribh an t-Seann Tiomnaidh a- 
gus an Tiomnaidh Nuaidh, an aon riagh- 
ailt g'ar seòladh cionnus a dh'fheudas sinn 
a ghlòrachadh agus n mhealtuinn. 

3. C* Ciod a tha na scriobtuire gu h-àraidd teagasg ? 
F. Tha na scriobtuire gu h-àraid a' teag- 

asg gach ni is còir do'n duine chreidsinn 
mu thimehioll Dè, agus an dleasdanas a tha 
Dia ag iarraidh air an duine. 

4. C. Ciod e Dia ? 

F. Is spiorad Dia, ata neo-chriochnach, 
bithbhuan, agus neo-chaochluidheach, 'na 



3 
hhith, 'na ghlioeas, 'na chumhachd, 'na 
naomhachd, 'na cheartas, 'na mhaitheas, 
agus 'na f hìrinn. 

5. C. Arn bheil iuilleadh Dèe ann ach aon ? 

F. Cha 'n 'eil ann ach aon a mhàin, an 
Dia beò agus fìor. 

6. C. Cia lìon pearsa a ta san Diadhachd? 

F. Tha tri pearsaidh san Diadhachd, an 
t- Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh ; 
agus an triùir so is aon Dia iad, ionann ann 
an nàdur, coimeas ann an cumhachdis ann 
an glòir. 

7. C. Ciod iad orduighean Dè ? 

F. 'Siad orduighean De, a rùn sìorruidh 
a rèir comhairle a thoile, leis an d'orduich. 
e roimh làimh, chum a ghlòire fèin, gach 
ni a thig gu crìch. 

8. C. Cionnus a iha Dia a cur 'orduighean an 
gnìomh ? 

F. Tha Dia a' cur 'orduighean an gnìomh 
ann an oibribh a' chruthachaidh agus an 
fhreasdail. 

9. C. Ciod i obair d chruthachaidh ? 

F. 'Si obair a' chruthachaidh, Dia a 
dheanamh nan uile nithe do neo-ni, le focal 
a chumhachd, ann an sè làithibh, agus 
gach uile ni ro mhaith. 

10. C. Cionnus a chruthaich Dia an duine ? 

A 2 



F. Chruthaich Dia an duine fear agus 
fyean, a rèir a choslais fèin, ann an eòlas, 
f ìreantachd, agus naomhachd, le uachdar- 
anachd os ceann nan creutairean. 

11. C. Ciod iad oibre freasdail Dè ? 

F. 'Siad oibre freasdail Dè, e bhi a' 
coimhead agus a' riaghladh a chreutairean 
uile le'n uile ghnìomharaibh, gu ro-naomh, 
ro-ghlic, agus ro-chumhachdach. 

12. C. Ciod an gnìomli àraid freasdail a rinnDia 
a, thaobh an duine san staid anns an do chruthaich- 
eadh e ?] 

F. 'Nuair a chruthaich Dia an duine, 
r;nn e coimhcheangal beatha ris, ag iarrajdh 
ùmhlachd iomlan air mar chumha ; agus a 9 
toirmeasg dha itheadh do chraoibh eòlais 
maith is uilc, fo phèin a bhàis. 

13. C. An dfhan ar ceud sinnseara san staid anns 
ctn do chruthaicheadh iadf 

F. Air bhi d'ar ceud sinnsearaibh air am 
fàgail gu saorsa an toile fèin, thuit iad o'n 
staid anns an do chruthaicheadh iad ? le 
peacachadh an aghaidh Dhè. 

14. C. Ciod e peacadh? 

F. 'Se peacadh briseadh lagha Dhè. 

15. C. Ciod am peacadh leis an do thuit ar ceuà 
sinnseara on staid anns an do chrutliaicheadh iad ? 

F. B* e 'm peacadh leis an do thuit ar 
ceud sinnseara o'n staid anns an do chruth- 



5 
aicheadh iad, gu d'ith iad am meas toir- 
misgte. 

16. C. An do thuit an cinne-daoine gu lèir annan 
eeud pheacadh Adhaimhf 

F. Air bhi do'n choimhcheangal air a 
dheanamh ri Adhamh, cha b'ann a mhàin 
air a shon fèin, ach air son a shliochd, uime 
sin, an cinne-daoine gu lèir, a thàinig uaith 
le ginealachaibh gnàthaichte, pheacaich iad 
ann, agus thuit iad leis, anns a' cheud 
chionta. 

17. C. Ciod an staid gus an oVthug an leagadh an 
cinne-daoine 9 t 

F. Thug an leagadh an cinne-daoine gu 
staid peacaidli agus truaighe. 

18. C. Ciode peacadh na staidsin anns an do thuit 
an duine ? 

F. 'Se peacadh na staid sin anns an do 
thuit an duine, a bhi fuidh chionta ceud 
pheacaidh Adhaimh, fuidh easbhuidh na 
ceud fhìreantachd, agus fuidh thruaillidh- 
eachd a nàduir gu h-iomlan, ri'n goirear 
peacadhgin; maillerisgachpeacadh gnìomh 
a ta sruthadh uaith so. 

19. C. Cod i truaighe na staid anns an do thuit an 
duine ? 

F. Troimh an leagadh, chaill an cinne- 
daoine gu lèir co-chomunn ri Dia, tha iad 
fuidh fheirg agus mhallachadh Dhè, agus 
a 3 



6 
mar sin buailteach clo gach uile thruaighe 
sa' bheatha so, do'n bhàs fèin, is do phiaiir 
taibh ifrinn gu siorruidh. 

20. C. An oVfhàg Dia an cinne-daoine uile gu bhi 
caillte ann an staid peacaidh agus truaighe ? 

F. Air do Dhia, o fhior ghean maith 
fèin, cuid a thaghadh roimh thoiseach an 
t-saoghaij chum na beatha maireannaich, 
rinn e coimhcheangal gràis riu, gu'n saor 
radh o staid peacaidh agus truaighe, agus 
an toirt gu staid slàinte trid Fir-saoraidh. 

31. C. Cq e Fear-samaidh dhaoine taghta Dhè? 

F. *Se aonFhear-saoraidh dhaoine taghta 
Dhè, an Tighearna losa Criosd, neach, 
air bhi dha 'na Mhac siorruidh do Dhia, 
a rinneadh *na dhuine, agus mar sin a bha, 
agus a ta 'na Dhia is 'na dhuine ann an dà 
•nàdur eadar-dhealmchte, agus ann an aon 
phearsa gu siorruidh. 

22. C. Air bhi do Chriosd 'na Mhac do Dhia 9 
cionnus a rinneadh e 'na dhuine ? 

F. Rinneadh Criosd, Mac Dhè, *na 
dhuine, le corp fìor agus anam reusonta a 
ghabhail da fèin, air dha bhi, le cumhachd 
an Spioraid Naoimh, air a ghabhail am 
broinn na h-oighe Muire, is air a bhreith 
ìcatha, ach saor o pheacadh. 

23. C. Ciod na dreuchdan a iha Criosd a cur an 
gnÌQmh mar ar Fear-saoraidh 9 



7 
F. Tha Criosd mar ar Fear-saoraidh, a' 
cur an gniomh dreuchdan Fàidh, Sagairt 
agus Righ, araon ann an staid 'irioslach- 
aidh agus 'àrdachaidh. 

24. C. Cionnus a tha Criosd d cur dreuc/id Fàidh 
an gnìomh ? 

F. Tha Criosd a' cur dreuchd Fàidh an 
gniomh, le toil Dè chum ar slàinte f hoills- 
eachadh dhuinn, le'fhocal agus le 'Spiorad. 

25. C. Cionnusatha Criosdd cur dreuchd Sagairt 
an gnìomh 9 

F. Tha Criosd a' cur dreuchd Sagairt 
an gniomh le e fèin a thoirt suas aon uair 
mar iobairt, chum ceartas Dè a dhioladh, 
agus sinne a dheanamh rèidh ri Dia, agus 
le gnàth eadar-ghuidhe a dheanamh air ar 
^on. 

26. C. Cionnus a tlia Criosd d cur dreuchd High 
an gnìomh? 

F. Tha Criosd a' cur dreuchd Righ an 
gniomh le sinne chur fo cheannsal da fèin, 
le'r riaghladh agus ar dionadh, agus le 
cosgadh a chur, is buaidh a thoirt, air na 
h-uile a ta ^nan naimhdibh dhasan agus 
dhuinne. 

27. C. Cionnus a bha Criosd air irioslachadh ? 
F. Bha Criosd air irioslachadh le bhi air 

a bhreith, agus sin ann an staid iosal, air a 
dheanamh fuidh'n lagh, dol fuidh thruaigh- 



8 
ibh na beatha so, fuidh fheirg Dhè, agus 
fuidh bhàs malluichte a' chroinn-cheusaidh, 
le bhi air adhlacadh, agus le fuireach fuidh 
chumhachd a' bhàis rè seal. 

28. C. Cionnus a ta Criosd air àrdachadh ? 

F. A ta Criosd air àrdachadh le aiseirigh 
o na marbhaibh air an treas là, le dhol suas 
air nèamh, le suidhe air deas làimh Dhè 
an Athar, agus le teachd a thoirt breith 
air an t-saoghal air an là dheireannach. 

29. C. Cionnus a tha sinn air ar deànamh 9 nar 
luchd co'-pairt ddn t-saorsa a choisinn Criosd? 

F. Tha sinn air ar deanamh 'nar luchd 
co'-pairt do'n t-saorsa a choisinn Criosd, le 
i bhi air a' cur ruinn gu h-èifeachdach le 
a Spiorad Naomh-san. 

30. C. Cionnus a tha 'n Spiorad d cur ruinn na 
saorsa a choisinn Criosd ? 

F. Tha 'n Spiorad a' cur ruinn na saorsa 
a choisinn Criosd, le creidimh oibreachadh 
annainn, agus ar dlùth-cheangal le sin ri 
Criosd 'nar gairm èifeachdach. 

31. C. Ciod i d ghairm èifeachdach ? 

F. S i a 9 ghairm èifeachdach obair Spio- 
raid Dè, leis am bheil e 'gar toirt gu moth- 
achadh d'ar cionta agus d'ar truaighe, a' 
soillseachadh ar n-inntinn le eòlas Chriosd, 
ag ath-nuadhachadh ar toile, agus mar sin 
'gar deanamh deònach agus comasach air 



9 
losa Criosd a dhlùth-ghabhail d'ar n-ionn- 
suidh, mar a tha e air thairgseadh dhuinn 
gu saor anns an t-soisgeul. 

32. C. Ciod na sochairean a tha iadsan a ta air 
an gairm gu h-èifeachdach a faghail anns cC blieatha 
$o? 

F. Tha iadsan a ta air an gairm gu h-èif- 
eachdach a' faghail anns a' bheatha so fir- 
eanachaidh, uchd-nihacachd, naomhach- 
aidh, agus gach aon sochair a ta sa' bheatha 
so 'nan cuideachd sin, no a' sruthadh uatha. 

33. C. Ciod e fìreanachadh? 

F. Is e fireanachadh gniomh saor ghean- 
maith Dhè, leis am bheil e a' màitheadh 
dhuinn ar n-uile pheacaidh, agus a' gabh- 
ail rujnn mar fhireanaibh 'na fhianuis, a- 
gus sin amhàin air sgàth fireantachd 
Chriosd, air a meas dhuinn, is air a gabh- 
ail thugainn le creidimh a mhàin. 

34. C. Ciod i uchd-mhacachd f 

F. ^Siuchd-mhacachdgniomhsaorghean- 
maith Dhè, leis am bheil sinn air ar gabh- 
ail ann an àireamh, agus a' faghail còir air 
gach dlighe a bhuineas do chloinn Dhè. 

35. C. Ciod e naomhachadh ? 

F. ^Se naomhachadh obair saor-ghràis 
Dè, leis am bheil sinn air ar n-ath-nuadh- 
achadh san duine gu h-iomlan, a rèir cos- 
lais Dè, agus air ar deanamh comasach ni 



10 
's mò agus ni's mò gu bàsachadh do pheac- 
adh, agus gu teachd beò do f hireantachd. 

36. C. Ciod na sochairean a ta sd bheatha so d 
teachd an cuideachd no a sruthadh o fhìreanachadh, 
uchd-mhacaehd, agus naomhachadh 9 

F. 'S iad na sochairean a ta sa' bheatha 
so a'Jteachd an cuideachd no a' sruthadh 
o fhìreanachadh, uchd-mhacachd, agus 
naomhachadh, dearbh-bheachd air gràdh 
Dhè, sìth coguis, aoibhneas anns an Spio- 
rad Naomh, fàs ann an gràs, agus buan- 
achadh ann gu ruig a'chrioch. 

37. C. Ciod nasochairean a ta creidmhich dfagh- 
ail o Chriosd ri h-àm am bàis ? 

F. Tha anama nan creidmheach ri h-àm 
am bàis air an deanamh iomlan ann an 
naomhachd, is air ball a' dol gu glòir : a- 
gus a ta an cuirp, air dhoibh bhi sior- 
cheangailte ri Criosd, a' gabhail fois ^nan 
uaighibh gu ruig an aiseirigh. 

38. C. Ciod na sochairean a ta creidmhich d fagh- 
ail o Chriosd anns an aiseirigh ? 

F. 'San aiseirigh, bithidh na creidmhich, 
air dhoibh bhi air an togail suas ann an 
glòir, air an aideachadh gu follaiseach, is 
air an deanamh uile bheannaichte ann an 
Dia a làn-mhealtuinn gu siorruidh. 

39. C. Ciod en dleasdanas a tha Dia ag iarruidh 
air an duine ? 

F. 'Se'n dleasdanas a tha Dia ag iarruidh 



11 

air an duine, ùmhlachd d'a tlioil a ta foill- 
sichte. 

40. C. Ciod an riaghailt ùmhlachd a thug Dia 
air tùs ddn duine ? 

F. B'i an riaghailt ùmhlachd a thug Dia 
air tùs do'n duine lagh nam modhanna. 

41. C. C àit am bheil lagh nam modhanna air a 
chur sìos gu h-aithghearr ? 

F. Tha lagh nam modhanna air a chur 
sìos gu h-aithghearr anns na deich àith- 
eantaibh. 

42. C. Ciod is suim do na deich àitheantaibh ? 

F. 'Si is suim do na deich àitheantaibh, 
* c An Tighearna ar Dia a ghràdhachadh 
le'r n-uile chridhe, le'r n-uile inntinn ; a- 
gus ar coimhearsnaich a ghràdhachadh mar 
sinn fèin". 

43. C. Ciod e roimh-ràdh nan deich àitheantan ? 
F. Tha roimh-ràdh nan deich àithean- 

tan air a chur sìos anns na briathraibh so, 
K Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a 
mach thu à tìr na h-Eiphit, à tigh na 
daorsa". 

44. C. Ciodatha roimh-ràdh nan deich àitheantan 
d teagasg dhuinn f 

F. Tha roimh-ràdh nan deich àithean- 

tan a' teagasg dhuinn, a chionn gur e Dia 

is Tighearn ann, agus gur e is Dia agus 

Fear-saoraidh dhuinne, uime sin gu bheil 



12 
e dh'fhiachaibh oirnn 'àitheantan uile a 
choimhead. 

45. C. Ciod i a cheud àithnè f 

F. 'S i a' cheud àithne, " Na biodh dèe 
sam bith eile agad a'm' làthair-sa". 

46. C. Ciod a tha a cheud àithne ag iartuidh ? 
F. Tha a' cheud àithne ag iarruidh 

oirnn aithneachadh àgus aideachadh gur 
e Dia a mhàin an Dia fior, agus ar Dia-ne ; 
agus aoradh is glòir a thoirt dha a rèir sin. 

47. C. Ciod a tha a cheud àithne d toirmeasg? 
F. Tha a' cheud àithne a' toirmeasg an 

Dia fior àicheadh, no dearmad a dheaiìamh 
air aoradh agus glòir a thoirt da mar Dhia, 
agus mar ar Dia-ne ; no'n t-aoradh agus a' 
ghlòir a dhlighear dhasan a mhàin, a thoirt 
do neach air bith eile. 

48. C. Ciod a tha gu sòìiraichte air a theagasg 
dhuinn leis na briathraibh so sd cheud àithne " a'm' 
làthair-sa"? 

F. Tha na briathra so sa' cheud àithne 
" a'm' làthair-sa" a' teagasg dhuinn, gu 
oheil Dia, d'an lèir na h-uile nithe, a' toirt 
air do'n pheacadh so, eadhon dia sam bith 
eile bhi againn, agus gu bheil e ro-dhiom- 
bach air a shon. 

49. C. Ciod i an dara àittine ? 

F. 'Si'n dara àithne, " Na dean dhuit 
fèin dealbh snaidhte, no coslas sam bith a 



13 
dk'aon ni a ta sna nèamhaibh shuàs, no air 
an talamh shios, no sna h-uisgeachaibh 
fuidh'n talamh. Na crom thu fèin sìos 
doibh, agus na dean seirbhis doibh ; oir mis' 
an Tighearna do Dhia is Dia eudmhor mi, 
a' leantuinn aingidheachd nan aithriche 
air a'chloinnjair an treas,agus air a' cheath- 
ramh ginealach dhiubhsan a dh'fhuathaich- 
eas mi ; agus a' nochdadh tròcair do mhìl- 
tibh dhiubhsan a ghradhaicheas mi, agus 
a choimhideas m' àitheantan". 

50. C. Ciod a tha 'n dara àithne afi iarruidh ? 
F. Tha 'n dara àithne ag iarruidh gabh- 

ail ris gach uile ghnè aoraidh agus òrduigh 
dhiadhaidh a dh'àithn Dia 'na f hocal, agus 
an coimhead agus an gleidheadh fior-ghlan 
agus iomlan. 

51. C. Ciod a ffia 'n dara àithne d toirmeasg ? 
F. Tha 'n dara àithne a' toirmeasg aor- 

adh a thoirt do Dhia le dealbhaibh, no air 
sheòl sam bith eile nach 'eil orduichte 'na 
fhocal. 

52. C. Ciod na reusain a tha ceangailte ris an dara 
àithne ? 

F. 'S iad na reusain a tha ceangailte ris 

an dara àithne, àrd-uachdaranachd Dhè os 

ar ceann, a shealbh-chòir annainn, agus an 

t-eud a ta aige d'a aoradh fèin. 

B 



14 

53. C. Ciod i an treas àithne ? 

F. 'Si 'n treas àithne "Na tabhairainm 
an Tighearna do Dhè an diomhanas ; oir 
cha mheas an Tighearna neo-chiontach 
esan a bheir 'ainm an diomhanas" . 

54. C. Ciod a tha f n treas àithne ag iarruidh ? 
F. Tha 'n treas àithne ag iarruidh ainm-. 

ean, buaidhean, feartan,òrduighean, briath- 
ran, agus oibre Dhè a ghnàthachadh gu 
naomh, agus gu h-urramach. 

55. C. Ciod a tha 'n treas àithne d toirmeasg ? 
F. Tha 9 ìì treas àithne a' toirmeasg mi- 

naomhachadh no mi-ghnàthachadh ni sam 
bith leis am bheil Dia 'ga fhoillseachadh 
fèin. 

56. C. Ciod an reusan a tha ceangailte ris an treas 
àithne ? 

F. 'Se 'n reusan a tha ceangailte ris an 

treas àithne, ged fheud luchd-briseadh na 

h-àithne so dol as o dhioghaltas o làimh 

dhaoine, gidheadh nach fuiling an Tighearn 

ar Dia dhoibh dol as o cheart bhreitheanas 

fèin. 

57. C. Ciod i d cheathramh àithne ? 

F. 'Si a' cheathramh àithne " Cuimh- 
nich là na Sàbaid a naomhachadh. Sè 
làithean saothraichidh tu, agus ni thu 
d'obair uile. Ach air an t-seachdamh là tha 
Sàbaid an Tighearna do Dhè : air an là sin 



15 

na dean obair sam bith, tliu fèin, no do 
nighean, d' òglach, no do bhan-òglach, no 
d'ainmhidh, no do choigreach a ta 'n taobh 
a stigh do d' gheataibh ; oir ann an sè 
làithibh rinn an Tighearna na nèamhan 
agus an talamh, an f hairge agus gach ni 
a ta annta ; agus ghabh e fois air an 
t-seachdamh là ; air an aobhar sin bhean- 
naich an Tighearna là na Sàbaid agus 
naomhaich se e". 

58. C. Cioda tha d cheathramh àithne ag iarruidh ? 
F. Tha a' cheathramh àithne ag iarruidh 

na h-àmanna suidhichte a dh'orduich Dia 
'na f hocal a choimhead naomha dha ; gu 
sònraichte aon là iomlan do na seachd 
làithibh, gu bhi 'na shàbaid naomh dha fèin. 

59. C. Ciod an là do na seachd làithibh a dKòr- 
duich Dia gu bhi J na shàbaid? 

F. O thoiseach an t^saoghail gu aiseirigh 
Chriosd, dh'orduich Dia an seachdamh là 
do'n t-seachduin gu bhi 'na shàbaid, agus 
riamh o sin gu ruig deireadh an t-saoghail, 
a' cheud là do'n t-seachduin ; ? si sin Sàbaid 
nan Criosduidhean. 

60. C. Cionnus iscòiran t-Sàbaida naomhachadh? 
F. Is còir an t-Sàbaid a naomhachadh le 

tàmh naomh a ghabhail rè fad an là sin, 

eadhon o gach uile ghnothuch saoghalta a- 

b 2 



16 
gus cluiche a ta ceadaichte air làithibh eile, 
agus leis an ùine uile a bhuileachadh ann 
an oibribh na diadhachd gu diomhair agus 
gu follaiseach, saor o mheud is a ta feu- 
mail a chaitheamh ann an oibribh na h-èig- 
in agus na tròcair. 

61. C. Ciod a tha a cheathramh àithne a' toirmeasg ? 
F. Tha a' cheathramh àithne a' toir- 

measg na dleasdanais tha air an iarruidh 
oirnn a dhearmad no a dheanamh le mi- 
chùram, an t-sàbaid a mhi-naomhachadh 
le diomh^nas, no le ni sam bith a dheanamh, 
atacronail,no le smuaintibh, briathraibh, no 
gniomharaibh neo-fheumail mu'r gnoth- 
uichibh saoghalta, noricluicheagussùgradh. 

62. C. Ciod na reusain a thaceangailte ris a' cheath- 
ramh àithne ? 

F. 'S iad na reusain a tha ceangailte ris 

a' cheathramh àithne, gu bheil Dia a' cead- 

achadh dhuinn sè làithean do'n t-seachd- 

uin air son ar gnothuichean fèin, gu bheil 

e 'g agradh còir àraid air an t-seachdamh 

là, gu d'thug e fèin duinn eisempleir, agus 

gu do bheannaich e là na Sàbaid. 

63. C. Ciod i d chùigeadh àithne ? 

F. 'Si a' chùigeadh àithne, "Tabhair on- 
oir do & 9 athair, agus do d'mhàthair ; a 
cjium gu 'm bi do làithean buan air an 



17 

fhearann a tha 'n Tighearna do Dhia a' 
toirt dhuit'\ 

64. C. Ciod a tha d chùigeadh àithne ag iarruidh f 
F. Tha a' chùigeadh àithne ag iarruidh 

an t-urram a ghleidheadh, agus an dleasda- 
nas a choimhlionadh, a bhuineas do gach 
neach anns gach inbhe agus dàimh sam bi 
iad, ma 's ann an inbhe àird, no'n inbhe 
iosail, no 'n coimeas inbhe. 

65. C. Ciod a tha a chùigeadh àithne d toirmeasg? 
F. Tha a' chùigeadh àithne a 9 toirmeasg 

ni sam bith a dhearmad no a dheanamh 
an aghaidh an urraim agus an dleasdanais 
a bhuineas do gach neach, a rèir an inbhe 
agus an dàimh fa leth. 

66. C. Ciod an reusan a tha ceangailte ris d 
chùigeadh àithne ? 

F. 'Se 'n reusan a tha ceangailte ris a' 
chùigeadh àithne, gealladh air saoghal fada 
agus soirbheachadh, (a rèir mar a f hreagras 
sin do ghlòir Dhè, is do'n leas fèin,) do uile 
luchd-coimhid na h-àithne so. 

67. C. Ciod i 'n t-seathadh àithne ? 

F. 'Si 'n t-seathadh àithne, " Na dean 
mortadh. 

68. C. Ciod a tha 9 n Useathadh àithne agiarruidh? 
F. Tha *n t-seathadh àithne ag iarruidh 

gach uile dhìchioll laghail clium ar beatha 
fèin is beatha dhaoine eile a choimhead. 

^3 



18 

69. C. Cioda tha 'n t-seathadh àithne d toirmeasg? 
F. Tha 'n t-seathadh àithne a' toirmeasg 

ar beatha fèin, no beatha ar coimhearsnaich 
a thoirt air falbh gu h-eucorach, no ni sam 
bith a chuidicheas gu sin a dheanamh. 

70. C. Ciod i 'n t-seaclidamh àithne ? 

F. 'Si'n t-seachdamh àithne, " Nadean 
adhàltranas". 

71. C. Cioda tha 'n t-seachdamh àithne agiarruidh? 
F. Tha'n t-seachdamh àithne ag iarruidh 

ar geamnuidheachd fèin is geamnuidh- 
eachd ar coimhearsnaich a choimhead, ann 
an cridhe, an cainnt, agus am beusaibh. 

1% C. Ciod a tha 'n t-seachdamh àithne d toir- 
measg ? 

F. Tha 'n t-seachdamh àithne a* toir- 
measg gach uile smuain, bhriathar agus 
ghniomh neo-gheamnuidh. 

73. C. Ciod i an t-ochdamh àithne ? 

F. 'Si 'n t-ochdamh àithne, H Na dean 
gaduidheachd. 

74. C. Ciod a thdn t-ochdamh àithne ag iarruidh? 
F. Tha'n t-ochdamh àithne ag iarruidh 

gachmeadhonlaghail a ghnàthachadh chum 
maoin agus saoibhreasfhaotainn is a mheud- 
achadh dhuinn fèin, agus do dhaoin' eile. 

75. C. Cioda tha 'n t-ochdamh àithne d toirmeasg? 
F. Tha'n t-ochdamh àithne a' toirmeasg 

gach ni a bhacas ar maoin agus saoibhreas 



19 
fèin,no maoin agus saoibhreas ar coimhears- 
naich gu h-eucorach. 

76. C. Ciod i an naothadh àithne? 

F. 'Si an naothadh àithne, " Na tabhair 
fianuis bhreige an aghaidh do choimhears- 
naich". 

77. C. Ciod a tha an naothadh àiihne ag iariuddh ? 
F. Tha'n naothadh àithne ag iarruidh 

an f hìrinn a choimhead eadar duin' is duine, 
agus ar deadh ainm fèin is deadh ainm 
ar coimhearsnaich a sheasamh, gu sòn- 
raichte ann am fianuis a thabhairt. 

78. C. Cioda tha 'n naothadh àithne d toirmeasg ? 
F. Tha 'n naothadh àithne a' toirmeasg 

gach ni a bhios cronail do'n fhìrinn, no a 
ni coire d' ar deadh ainm fèin, no do dheadh 
ainm ar coimhearsnaich. 

79. C. Ciod i 'n deicheamh àithne ? 

F. 'Si 'n deicheamh àithne, " Na sannt- 
aich tigh do choimhearsnaich, na sanntaich 
bean do choimhearsnaich, no 'òglach no 
'bhan-oglach, no Mhamh, no 'asal, no aon 
ni a's le do choimhearsnach". 

80. C. Ciod a tha 'n deicheamh àithne ag iarruidh ? 
F. Tha 'n deicheamh àithne ag iarruidh 

bhi làn-thoilichte le'r staid fèin, agus rùn 
ceart agus seirceil a bhi againn 'nar cridhe 
do'r coimhearsnach is do gach ni a blvuineas 
da. 



20 

81. C. Ciod a than deicJieamh àithne d toirmeasg? 
F. Tha'n deicheamh àithne a' toirmeasg 

gach uile thalach air ar staid fèin, farmad 
agus doilghios air son maith ar coimhears- 
naich, agus gach togradh is rùn eu-cneasda 
do ni sam bith a ta aige. 

82. C. Am blieil neach sam bith comasach air 
àitheanta DJiè a cJioimhead gufoirfe ? 

F. O leagadh ar ceud sinnseara, cha'n 
'eil neach sam bith, nach 'eil ach 'na dhuine 
a mhàin, comasach air àitheanta Dhè a 
choimhead gu foirfe sa' bheatha so, ach tha 
na h-uile gach là 'gam briseadh ann an 
smuain, ann am briathar, is ann an gnìomh. 

83. C. Am bheilgach uile bhriseadh an lagJia coimeas 
ann an uamharacJid ? 

F. Tha cuid do pheacaibh annta fèin, a- 

gus le iomadh gnè antromachaidh, ni's 

uamhara na chèile am fianuis Dè. 

84. C. Ciod a tJia gacJi aon pJieacadh d toilltinn ? 
F. Tha gach aon pheacadh a' toilltinn 

feirge agus mallachaidh Dhè araon anns a' 
bheatha so, agus anns a' bheatha a ta ri 
teachd. 

85. C. Ciod a tJia Dia ag iarriddh uainne chum as 
gufeud sinn dol as ofheirg agus o mhallachadh-san a 
tJtoill sinn ler peacaibh ? 

F. Chum dol as o fheirg agus o mhall- 
achadh Dhè a thoill sinn le'r peacaibh, tha 



21 

Dia ag iarruidh uainn creidimh an Iosa 
Criosd, aithricheas chuin beatha, maille ri 
gnàthachadh dìchioliach gach meadhoin 
o'n leth muigh leis am bheil Criosd a' pàirt- 
eachadh ruinn shochairean na saorsa. 

86. C. Ciod e creidimh ann an Iosa Criosd? 

F. Creidimh ann an Iosa Criosd, is gràs 
slàinteil e, leis am bheil sinn a' gabhail ris, 
agus ag earbsadh as'na aonar air son slàinte, 
mar a ta e air a thairgseadh dhuinri anns 
an t-soisgeul. 

87. C. Ciod e aithreachas chum beatha ? 

F. Aithreachas chum beatha, is gràs 
slàinteil e, leis am bheil peacach (air dha 
mothachadh ceart a ghabhail d'a pheacadh, 
agus do thròcair Dhè ann an Criosd) le 
doilghios agus fuath d' a pheacadh, a' pil- 
leadh uaith gu Dia, le làn rùn agus di- 
chioll air nuadh ùmhlachd a thoirt da. 

88. C. Ciod na meadhona on leth muigh leis am 
bheil Criosd d pàirteachadh ruinn shochairean na 
saorsa ? 

F. 'Siad na meadhona o'n leth muigh 
leis am bheil Criosd a' pàirteachadh ruinn 
shochairean na saorsa, òrduighean fèin, gu 
h-àraid am focal, na sàcramainte, agus ur- 
nuigh ; a ta uile air an deanamh èifeach- 
dach chum slàinte do na daoinibh taglita. 



22 

89. C. Cionnus a tha 'm focal air a dheanamh 
èifeachdach chum slàinte ? 

F. Tha Spiorad Dhè a' deanamh leugh- 
aidh an fhocail, ach gu h-àraid a shearmon- 
achaidh, 'na mheadhon èifeachdach chum 
peacaich a thoirt gu mothachadh is gu iom- 
pachadh, agus gu'n togail suas ann an 
naomhachd is an comh-fhurtachd, tre 
chreidimh, chum slàinte. 

90. C. Cionnus is còir am focal a leughadh agus 
èisdeachd) chum 's gu bi e èifeachdach chum slàinte ? 

F. A chum 's gu bi am focal èifeachdach 
chum slàinte, is feumail duinn aire a thoirt 
da le dùrachd, ullachadh agus urnuigh, a 
ghabhail thugainn le creidimh agus gràdh, 
a thasgaidh 'nar cridheachaibh, agus a chur 
an gniomh ^nar caithe-beatha. 

91. C. Cionnus a tha na sacramainte air an dean- 
amh 'nam meadhonaibh èifeachdach chum slàinte ? 

F. Tha na sàcramainte air an deanamh 

'nam meadhonaibh èifeachdach chum slàinte, 

cha 'n ann o bhrìgh sam bith annta fèin, 

no san ti a fhritheileas iad, ach tre bhean- 

nachadh Chriosd a mhàin, agus oibreachadh 

a Spioraid annta-san a ghabhas iad le 

creidimh. 

92. C. Ciod e Sacramaint ? 

F. Ordugh naomh a chuireadh air chois 
le Criosd, anns am bheil Criosd agus sòch- 



23 
airean a'" chùmhnamte nuaidh, air an samh- 
lachadh, air an daingneachadh, agus air an 
cur ris na creidmhich, le comharaibh faic- 
sinneach. 
93. C. Ciod iad sàcramabite anTiomnaidhNuaidh? 
F. 'S iad sàcramainte an Tiomnaidh 
Nuaidh, Baisteadh agus Suipeir an Tigh- 
earna. 

94. C. Ciod e 9 m baisteadh f 

F. Is sàcramaint e, anns ambheilionnlaid 
le h-uisge, ann an ainm an Athar, agus a' 
Mhic, agus an Spioraid Naoimh, a J ciallach- 
adh, agus a' daingneachadh, gu bheil sinn 
air ar suidheachadh ann an Criosd, agus 
'nar luchd co'-pairt do shochairibh cùmh- 
nainte nan gràs, agus gu bheil sinn fuidh 
ghealladh do J n Tighearnagubi sinnleis-san. 

95. C. Co oVan còir am baisteadh afhrithealadh ? 
F. Cha chòir am baisteadh a f hrithealadh 

do neach air bith a tha 'n taobh a muigh 
do ^n eaglais fhaicsinnich, gus an aidich e 
a chreidimh ann an Criosd, agus ùmhlachd 
dha ; ach is còir naoidheana na muinntir 
a ta 'nam buill do /n eaglais f haicsinnich a 
bhaisteadh. 

96. C. Ciod i Suipeir an Tighearna ? 

F. Is sàcramaint i, anns am bheil bàs 
Chriosd air f hoillseachadh, le aran agus fìon 



24 
a thabhairt agus a ghabhail a rèir orduigh 
fèin ; agus tha iadsan a ghabhas so gu h- 
iomchuidh, air an deanamh (cha'n ann air 
mhodh feòlmhor, ach tre chreidmh) 'nan 
luchd co'-pairt d'a chorp agus d'a fhuil- 
san, le uile shochairibh, chum am beath- 
achaidh spioradail, agus am f às ann an gràs. 

97. C. Ciod isfeumail a dheanamh chum Suipeir 
an Tighearn a ghabhail gu h-iomchuidh ? 

F. Is feumail dhoibhsan leis am b'àill 
Suipeir an Tighearn a ghabhail gu h-iom- 
chuidh, iad fèin a cheasnachadh do thaobh 
an eòlais chum corp an Tighearna aith- 
neachadh, do thaobh an creidimh, chum 
beathachadh air-san, do thaobhanaithreach- 
ais, an gràidh, agus an nuadh-ùmhlachd ; 
air eagal, air teaehd dhoibh gu neo-iom- 
chuidh, gu'n ith agus gu'n òl iad breith- 
eanas dhoibh fèin. 

98. C. Ciod i urnuigh ? 

F. 'S i urnuigh bhi cur suas ar n-ath- 
chuinge ri Dia air son nithe do rèir a thoile, 
ann an ainm Chriosd, ag aideachadh ar 
peacaidh, agus a' toirt buidheachais da air 
son a thiodhlacan. 

99. C. Ciod an riaghailt a thug Dia dhuinn g f ar 
seòladh ann an urnuigh a dheanamh ? 

F. Tha focal Dè gu lèir 'gar seòladh ann 



25 
an urnuigh a dheanamh ; ach is i an riagh- 
ailt shònraichte a sheòlas sinn, an urnuigh 
sin a theagaisg Criosd d'a dheisciobluibh, 
ri 'n goirear gu coitchionn " Urnuìgh an 
Tighearna" 

100. C. Ciod a tha roimh-ràdh Urnuigh an Tigh* 
earn d teagasg dhuinn 9 

F. Tha roimh-ràdh Urnuigh an Tigh- 
earna (eadhon " Ar n-Athair a ta air 
nèamh,") a'teagasgdhuinnteachd am fagus 
do Dhia leis gach uile urram naomh agus 
muinghinn, mar chloinn chum an Athar, a 
ta comasach agus toileach air cuideachadh 
leinn ; agus gur còir dhuinn urnuigh a 
dheanamh maille ri daoine eile, agus air 
an son. 

101. C. Ciod a tha sinn d guidheadh anns d 
cheud iarrtus ? 

F. Sa' cheud iarrtus (eadhon, " Gu naomh- 
aichear d' ainm,") tha sinn a' guidheadh, 
Gu ma toil le Dia sinne agus daoine eile a 
dheanamh comasach air e fèin a ghlòrach- 
adh anns gach aon ni leis am bheil e 'ga 
fhoillseachadh fèin ; agus gu'n stiùradh e 
na h-uile nithe chum a ghlòire fèin. 

102. C. Cioda tha sinn d guidheadh anns an dara 
iarrtus ? 

F. San dara iarrtus (eadhon, " Gu tig- 
eadh do rìoghachd,") tha sinn a' guidheadh, 

c 



26 
Gu biodh rìoghachd Shatain air a sgrios, 
agus rìoghachd nan gràs air a meudachadh, 
gu bi sinn fèin is daoine eile air ar toirt 
d'a h-ionnsuidh agus air ar coimhead innte ; 
agus gu biodh rìoghachd na glòire air a 
luathachadh. 

103. C. Ciod a tha sinn d guidheadh anns an treas 
iarrtus ? 

F. San treas iarrtus (eadhon, " Gu 
deanar do thoil air thalamh mar a nìthear 
air nèamh,") tha sinn a' guidheadh, Gu 
deanadh Dia sinn comasach agus deònach 
le a ghràs, gu eòlas a ghabhail air a thoil, 
agus a bhi freagarach is ùmhal di anns gach 
aon ni, mar a ta na h-aingil air nèamh, 

104. C. Ciod a tha sinn d guidheadh anns d 
cheathramh iarrtus? 

F. Sa' cheathramh iarrtus (eadhon, "Ta«> 
bhair dhuinn an diugh ar n-aran lathail,") 
tha sinn a' guidheadh, Gu faigheamaid, do 
shaor thoirbheartas Dè, cuibhrionn chuims-* 
each do nithibh maithe na beatha so, is gu 
mealamaid a bheannachadh leo. 

105. C. Ciod a tha sinn d guidheadh anns d 
chùigeadh iarrtus? 

F. Sa' chùigeadh iarrtus (eadhon, " A* 
gus maith dhuinn ar fiachan, mar a mhaith- 
eamaid d'ar luchd-fiachaibh,") tha sinn a' 
guidheadh, Gu maitheadh Dia dhuinn gu 



27 
saor ar n-uile pheacaidh, air sgàth Chriosd; 
agus is mò ar misneach so iarruidh, gu 
bheil sinn air ar neartachadh, trìd a ghràis, 
gu maitheanas a thoirt o'r cridhe do 
dhaoinibh eile. 

106. C. Ciod a tha sinn d guidJieadh anns an 
t-seathadh iarrtus ? 

F. San t-seathadh iarrtus (eadhon, "A- 
gus na leig sinn am buaireadh, ach saor sinn 
o olc,") tha sinn a' guidheadh, Dia 'gar 
gleidheadh o bhi air ar buaireadh chum 
peaeaidh, no ar cumail suas agus ar saoradh 
'nuair a bhuairear sinn. 

107. C. Ciod a tha co-dhunadh Urnuighan TigJi- 
earn d teagasg dhuinn 9 

F. Tha co-dhùnadh Urnuigh an Tigh- 
£arna (eadhon, "Oir is leatsa an rìoghachd, 
agus an cumhachd, agus a' ghlòir gu sìor- 
ruidh, Amen,") a' teagasg duinn misneach 
ann an urnuigh a ghabhail o Dhia a mhàin, 
agus ^nn ar n-urnuigh esan a mholadh, le 
rìoghachd, cumhachd, is glòir a thabhairt 
da. Agus mar dhearbh air ar miann, agus 
ar làn-earbsadh ri èisdeachd f haghail, tha 
§inn ag ràdh, Amen. 

c2 



28 
NA DEICH AITHEANTAN, 

ECSODUS XX. 

Labhair Dia na briathra so uile, ag ràdh, 
Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a 
mach thu à tìr na h-Eiphit, à tigh na 
daorsa. 

I. Na biodh dèe sam bith eile agad aW 
làthair-sa. 

II. Na dean dhuit fèin dealbh snaidhte, 
no coslas sam bith a dh'aon ni, a ta sna 
nèamhaibh shuas, no air an talamh shios, 
no sna h-uisgeachaibh fuidh 'n talamh. 
Na crom thu fèin sios doibh, agus na dean 
seirbhis doibh : oir mise an Tighearna do 
Dhia, is Dia eudmhor mi, a' leantuinn 
aingidheachd nan aithriche air a' chloinn, 
air an treas, agus air a' cheathramh gineal- 
ach dhiubhsan a dh'fhuathaicheas mi; agus 
a 9 nochdadh tròcair do mhìltibh dhiubhsan 
a ghràdhaicheas mi, agus a choimhideas 
m'àitheantan. 

III. Na tabhair ainm an Tighearna do 
Dhe an dìomhanas j oir cha mheas an 



29 
Tighearna neo-chiontach esan a bheir 'ainm 
an dìomhanas. 

IV. Cuimhnich là na sàbaid a naomh- 
achadh. Sè laithean saothraichidh tu, agus 
ni thu d'obair uile. Ach air an t-seachd- 
amh là tha sàbaid an Tighearna do Dhè ; 
air an là sin na dean obair sam bith, thu 
fèin, no do mhac, no do nighean, d'òglach, 
no do bhan-oglach, no d'ainmhidh, no do 
choigreach a ta 'n taobh a stigh do d' 
gheataibh ; oir ann an sè làithibh rinn an 
Tighearna na nèamhan agus an talamh, an 
fhairge, agus gach ni a ta annta ; agus 
ghabh e fois air an t-seachdamh là : air an 
aobhar sin bheannaich an Tighearna là na 
sàbaid, agus naomhaich se e. 

V. Tabhair onoir do d'athair, agus do d' 
mhàthair ; a chum as gu'm bi do làithean 
buan air an fhearann a tha'n Tighearna do 
Dhia a' toirt dhuit. 

VI. Na dean mortadh. 

VII. Na dean adhaltrannas. 

VIII. Na dean gaduigheachd. 

IX. Na tabhair fianuisbhrèige an aghaidh 
do choimhearsnaich. 

X. Na sanntaich tigh do choimhears- 
naich j na sanntaich bean do choimhears- 

c 3 



30 
aaich, no 'òglach, no 'bhanoglach, no 
'dhamh, no 'asal, no aon ni a's le do 
choimhearsnach, 



URNUIGH AN TIGHEARNA. 

Mata VI. 

Ar n- Athair a ta air nèamh, Gu naomh- 
aichear d'ainm. Gu tigeadh do rìoghachd. 
Gu deanar do thoil air thalamh, mar a nìth- 
ear air nèamh. Tabhair dhuinn an diugh 
ar n-aran lathail. Agus maith dhuinn ar 
fiacha, mar a mhaitheamaid d'ar luchd- 
fiachaibh. Agus na leig sinn am buaireadh, 
ach saor sinn o olc : Oir is leatsa an riogh- 
achd, agus an cumhachd, agus a' ghlòir, 
gu siorruidh. Amen. 



A' CHREUD. 

Creideam ann an Dia an t- Athair Uile- 
chumhachdach, Cruith-fhear nèimh agus na 
talmhainn ; agus ann an Iosa Criosd, aon 



31 
mhac-san, ar Tighearna, neach a ghineadh 
o'n Spiorad Naomh, a rugadh leis an Oigh 
Muire, a dh'fhuiling fuidh Phontius Pilat, 
a cheusadh, a f huair bàs agus a dh'adhìaic- 
eadh, a chaidh sìos do staid nam marbh, a 
dh'èirich a rìs o na marbhaibh air an treas 
là, a chaidh suas air nèamh, agus a ta 'na 
shuidhe air deas làimh Dhè an Athar Uile- 
chumhachdaich, agus as sin a thig a thoirt 
breith air na beòthaibh agus air na marbh- 
aibh. Creideam anns an Spiorad Naomh, 
anns an eaglais naoimh choitchionn, ann an 
co-chomunn nan naomh, ann am maitheanas 
peacaidh, ann an aiseirigh a' chuirp, agus 
anns a' bheatha mhaireannaich. Amen. 



URNUIGH MHADUINN. 

O Ohe thròcairich, agus Athair, trid 
Iosa Criosd amhairc a nuas le iochd air 
creutair tr uagh a ta air tuiteam uait . Chaidh 
mi air seacharan uaitse o'n bhroinn, seadh 
ghineadh agus rugadh mi fòs ann am pea- 
cadh. O thoir mothachadh dhomh, araon 



32 
air mo pheacaibh agus air rao thruaigh, gu 
bheil mi salach agus truagh, dall agus 
Jomnochd, am feadh 'sa tha mi as eugmhais 
*Chriosd. Ann an ceartas a ta mi toilltinn 
feirg agus ifrinn ; agus mur gleidheadh 
tusa Slànuighear dhomh, bhithinn caillte 
gu bràth. 

O Dhè dean eòlach mi air Criosd mo 
Shlànuighear ; agus biodh m' anam neo- 
ghlan air ionnlad ann an tobar 'fhola phris- 
eil : Agus oibrich annam aithreachas thaobh 
Dhè, agus creidimh thaobh an Tighearn 
Josa Criosd. 

O gu 'm bithinn a W aon do dheisciob- 
laibh Chriosd, air mo theagasg le 'aithean- 
taibh, ajr mo cheannach le -fhuil, agus 
a'm' fhear-leanmhuinu air eisempleir g, 
bheatha. 

A Thighearna, thoir gràs dhomh chum 
gràdh thoirt dhuitsa le m' uile chridhe, a^ 
gus luaidh thoirt air d' Ainm le h-urram, is 
do shàbaid a choimhead le tlachd, agus 
d'fhocal èisdeachd le furachras, 

O Dhè, na tionnsgain ann am breithean- 
as le peacach truagh droch thoilltineach. 
Is leat fèin mi thaobh coimhcheangail mo 
bhaiste, ged mo thruaighe, bha mi neo- 
sheasmhach fealltach anns a'choimhcheangal 



sin, dhearmad mi Dia mo Chruith-fhear, 
mo Shlànuighear, agus mo Naomhai-fhear, .* 
d'an robh mi 'n ceangal ; agus dh'èisd mL 
ris an Diabhul, an saoghal, agus an fheòil, 
ris an do chuir mi cùl. 

O Dhè, na leig do m' pheacadh is do m' 
amaideachd sruth do thròcair chaoimh a 
thionndadh uam an diugh: ach dean e 'na 
là aithreachais agus maitheanais do m' an- 
am. Nochd thu fèin a'd* Athair rèidh 
rium agus gabh rium,mar do dhuine cloinne 
fèin, air sgàth do Mhic ionmhuinn Iosa 
Criosd, anns am bheil do mhòr-thoill : Dha- 
san, maille- Riutsa, agus ris an Spiorad 
Naomh, gu *n robh glòir gu siorruidh. 
Amen. 



URNUIGH FHEASGAIR. 

O Dhe naomh a ta glòrmhor, thug 
thusa an là 'n diugh agus iomadh là eile 
dhomh, dh'oibreachadh a mach mo shlàinte 
Ach mo thruaighe ! mhi-bhuilich mi m' 
aimsir, is mhi-naomhaich mi do shàbaidibh, 
agus dhichuimhnich mi m' anam agus a 



* 34 

fèhlànuighear. Rugadh mi ann am peac- 
adh ; agus chaithe mi mo bheatha ann am 
peacadh ; agus bha mi neo-chùramach mu 
9 n obair sin chum ann do chruthaicheadh 
mi. O Dhè, is creutair ro chionntach mi, 
a ta àireamh mo pheacaidh ro-mhòr, agus 
an gnè ro screitidh. Ach agadsa tha 
maitheanas chum 9 s gu'n gabhta eagal 
romhad. A Thighearna bàth mo phe'acr 
Anna ann an cuan fola Chriosd, chum '$ 
pach b'àite m' anam ann an ciian d ? f heirgse". 

Bheirim buidheachas dhuitse, O ThigL- 
earna, air son là na sabàid, an t-soisgeil, a- 
gus meadhona na slàinte. O naomhaich 
mo chridhe, agus neartaich mo chuimhne 
chum greim a dheanamh air d' f hocal ; ar 
gus deònuich dhomh cha 9 n e mhàin bhi 
jam f hear-èisd^achd, ach am f hear deanamh 
an f hocail. A Thighearna oibrich annam 
fior chreidimh, gràdh laiste, agus beò 
dhòchas. O gu 'n eignicheadh gràdh 
Chriosd mi chum teicheadh o pheacadh a- 
gus chum ruith ann an slighibh d' àithean- 
ta-sa! 

O Thighearna cuidich leam air feasgar 
pn là'ri diugh cuimhneach air feasgar mo 
bheatha; agus oidhche a' bhàis a ta teann- 
adh orm, anns nach urrainn aon neach 



85 
obair sam bith a dheanamh. O gti 'mt 
bithinn glic chum ulluchadh air chioim na 
h-oidhche sin ; agus feum a dheanamh do 
Chriosd mar m' Urras, a dhioladh mf 
fhiacha,'agus a reiteachadh mo chùise chum 
air chionn a' bhàis gu 'm bi sìth deadli-* 
choguis agam, agus dòchas le deadh aobhar 
ri tachairt air Breitheamh rèidh rium, agus 
sàbaid shiorruidh mhealtuinn màille ri 
Criosd shuas air nèamh, gun oidhche no 
là eile seaehduin ri teachd 'na dhèigh ! A- 
gus so uile a ta mi guidhe ar sgàth Xosa 
Criosd mo Shlànuighear. Amen, 



ALLTACH ROIMH BHIADIL 

Dhe bheannaichte, thoir maitheanas 
dhuinn ann ar peacaibh ; bi rèidh ruinn, 
agus buin o na tiodhlacaibh so a' malluch- 
adh a ta a' leantuinn riu air son ar peac- 
aidh ; agus naomhaich na sochaire so chum 
ar feum, agus deònuich dhuinn ith agus òl 
chum do ghlòir-sa, air sgàth Iosa Criosd, 
Amen. 



30 

ALLTACH AN DEIGH BIDH. 

BHEiREAMAiDbuidheachasdhnitODhè 
ghràsmhoir air son Chriosd, agus gach 
beannachadh thug thu dhuinn leis : buidh- 
eachas dhuitse a bheathaich ar cuirp air an 
àm so. O biodh an tiodhlàc so 'na earlas 
air tiodhlacaibh is mò agus is fearr air an 
ulluchadh dhuinn ann an Criosd, agus 
deònuich dhuinn saoithreachadh air son a' 
bhidh nach teirig, ach a mhaireas chum na 
beathabhithbhuain, trid Iosa Criosd. Amen. 



a CHRIOCH. 



•/